Bòrd-Stiùiridh
Total Page:16
File Type:pdf, Size:1020Kb
Fèisean nan Gàidheal A’ toirt ar dualchais do ar n-òigridh Coinneamh den Bhòrd-Stiùiridh Taigh-òsta Golf View, Inbhir Narainn Dihaoine 26 Sultain 2014 @ 2.00f Fèisean nan Gàidheal Taigh a’ Mhill Port-Rìgh An t-Eilean Sgitheanach IV51 9BZ Fòn 01478 613355 Facs 01478 613399 Post-d [email protected] www.feisean.org Fèisean nan Gàidheal Coinneamh den Bhòrd Stiùiridh gu bhith ga cumail ann an Taigh-òsta Golf View, Dihaoine 26 Sultain 2014 bho 2f Clàr Chùisean 3.2014.01 CÙISEAN TÒISEACHAIDH (a) An làthair (b) Leisgeulan (c) Geàrr-chunntas na coinneimh mu dheireadh den Bhòrd Airson Aontachaidh (d) Cùisean a’ togail ceann (e) Geàrr-chunntas bho choinneamh bòrd Blas Festival Earranta Airson Fiosrachaidh 3.2014.02 CÙISEAN LEASACHAIDH (a) Adhartas le Prògram-obrach Fèisean nan Gàidheal Airson Fiosrachaidh agus Deasbaid (b) Blas 2014 Aithris airson Fiosrachaidh (c) Fèisgoil: Measaidh air pròiseactan sgoile Loch Abar is Gallaibh Airson Fiosrachaidh agus Deasbaid (d) Co-chomhairle air Plana Fèisean nan Gàidheal 2015-20 Airson Aontachaidh 3.2014.03 CÙISEAN IONMHASAIL (a) Teachd a-steach agus teachd a-mach 2014-15 Airson Fiosrachaidh agus Deasbaid (b) Suimean airgid anns a’ bhanca agus fiosrachadh as ùire Aithris airson Fiosrachaidh (c) Cunntasan Ràitheil gu 30 Ògmhios 2014 Airson Fiosrachaidh agus Deasbaid (d) Tabhartasan nam Fèisean 2014-15 Airson Fiosrachaidh (e) Cunntasan Bliadhnail gu 31 Màrt 2014 Airson Aontachaidh (f) Ath-stèidheachadh Mann Judd Gordon mar luchd-sgrùdaidh Aithis airson Aontachaidh 3.2014.04 CÙISEAN LUCHD-OBRACH (a) Co-chomhairle mu atharrachaidhean ann an structur an luchd-obrach Airson Aontachaidh 3.2014.05 CÙISEAN GNÌOMHAIL (a) Aithisgean Luchd-Obrach Airson Fiosrachaidh agus Deasbaid (b) Prògram na Coinneamh Bhliadhnail & Co-labhairt 2014 Airson Fiosrachaidh (c) Aithisg Bhliadhnail 2014 Airson Aontachaidh (d) Taghadh a’ Bhùird Aithris airson Fiosrachaidh 3.2014.06 EILE (a) Ceann-latha na h-ath choinneamh Airson Aontachaidh Fèisean nan Gàidheal Geàrr-chunntas air coinneamh a’ Bhùird Stiùiridh a chaidh a chumail ann an Oifisean Fèisean nan Gàidheal, Inbhir Nis air Dihaoine 16 Cèitean 2014 bho 11.30m 2.2014.01 CÙISEAN TÒISEACHAIDH (a) An Làthair Donnchadh MacGuaire (Cathraiche), Raibeart MacFhionghain, Kirsteen Ghreumach, Deirdre Beck, Ealasaid NicIlleBhàin, Seumas Caimbeul, an Comhairliche Iain A MacÌomhair (CnES), Art MacCarmaig (an làthair), Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein (an làthair), Anne Willoughby (an làthair), Moreen Pringle (an làthair), Dougie Beck (an làthair – ag eadar-theangachadh) (b) Leisgeulan Ùisdean Robasdan, Peigi NicIllFhinnein, Elaine Spence, Iain Mac a’ Ghobhainn (Alba Chruthachail), Mòrag Anna NicLeòid (Comhairle na Gàidhealtachd), Ann Marie Reid (HIE) Chaidh meal-a-naidheachd a chur air Deirdre Beck is an duine aice Dougie agus dùil aca ris a’ chiad leanabh aca san Dàmhair. (c) Còd Giùlain is Clàr Chom-pàirtean Chaidh an Còd Giùlain airson Buill a’ Bhùird aig Fèisean nan Gàidheal aontachadh agus chaidh foirmichean gus Com-pàirtean a Chlàradh a sgaoileadh am measg nam Ball ag iarraidh orra fios a chur sìos mu Bhùird, Comataidhean is gnothaichean eile san robh iad an sàs agus ag iarraidh orra innse ma bha com-pàirt aca ann an gnothach sam bith a dh’fhaodadh còmhstri eadar com-pàirtean adhbharachadh aig gin de na coinneamhan againn. (d) Geàrr-chunntas na coinneimh mu dheireadh de Bhòrd Stiùiridh Fèisean nan Gàidheal Chaidh geàrr-chunntas bhon choinneimh a chaidh a chumail air 28 Gearran 2014 a sgaoileadh. Mhol Raibeart MacFhionghain gum bu chòir gabhail ris mar chunntas fìrinneach den choinneimh, agus Deirdre Beck a’ cur a taic ris. (e) Cùisean a thog ceann A thaobh na puinge bho gheàrr-chunntas na coinneimh mu dheireadh mu bhith taghadh Luchd-dreuchd, chaidh bruidhinn air na cùisean a leanas. Cathraiche: Dh’aontaich Donnchadh MacGuaire aig a’ choinneimh mu dheireadh a bhith na Chathraiche air stèidh shealach gus am faigheadh e a-mach dè dìreach na dleastanasan a thigeadh an cois na dreuchd agus gus am biodh barrachd Bhuill ann gus taghadh deireannach a dhèanamh. Thuirt e gum biodh e toilichte fuireach san dreuchd airson an còrr den bhliadhna ma bha na Buill eile toilichte le sin. Chaidh sin aontachadh. Iar-Chathraiche: Bu chòir Iar-Chathraiche a bhith air an taghadh gus Donnchadh a chuideachadh agus gus a bhith sa Chathair mura h-eil Donnchadh ann. Cha deach duine a mholadh aig a’ choinneimh seo. Dh’aontaich Art MacCarmaig gun cuireadh e post-d gu daoine a’ sireadh molaidhean bho Bhuill airson na dreuchd. 2.2014.02 CÙISEAN LEASACHAIDH (a) Adhartas a thaobh cur an gnìomh Prògram Obrach Fèisean nan Gàidheal Chaidh geàrr-chunntas air adhartas, airson 2013-14 suas gu 31 Màrt 2014, a thaobh cur an gnìomh Prògram Bliadhnail Fèisean nan Gàidheal a sgaoileadh agus thugadh fa-near dha. Cha robh ann ach aon nì air fhàgail a bha air a chomharrachadh “òmar”, agus ’s e as coireach airson sin nach deach againn air prìomh bhuidheann-urrais choimeirsealta a lorg airson Blas 2013. Thathar an dòchas gun tèid againn air urrasachd a ghleidheadh airson Blas 2014. Tha am Prògram a’ toirt dhuinn sealladh math farsaing den adhartas a rinn sinn ann a bhith coileanadh targaidean ar prìomh bhuidhnean-maoineachaidh. (b) Blas agus na Cèilidhean air Chuairt ann an 2014 Chaidh aithisg le Art MacCarmaig a sgaoileadh le fiosrachadh do na buill mun phrògram agus buidseat airson Blas 2014 agus mun adhartas a rinneadh a thaobh nan Cèilidhean air Chuairt. Blas: Chaidh innse gun deigheadh an 10mh Fèis Bhlas a chumail ann an 2014, agus gun deigheadh a chur air bhog gu h-oifigeil ann an Eden Court air 5 Ògmhios. Gheibh Buill cuireadh airson an fhoillseachaidh sin nas fhaisge air an àm. Am measg nam prìomh thachartasan a bhios aig Blas 2014 tha, pròiseact ùr, “Mìorbhail nam Beann”, a chaidh Iain MacPhàrlain a bharantachadh airson a dhèanamh; “Glòir nan Caman”, tachartas iomain; tachartasan airson na Bliadhna airson Tilleadh Dhachaigh air a’ Ghàidhealtachd agus a’ Chonsairt mhòr aig Ceòl nam Fèis. Tha tiogaidean airson Blas a-nis gan reic air Làrach-lìn Bhlas. Thèid tachartasan a chumail ann an sgìre Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a-rithist am- bliadhna. Chaidh fios a chur gu Comhairle nan Eilean Siar, ach cha tuirt iad fhathast a bheil iad am beachd pàirt a ghabhail. Cèilidhean air Chuairt: Chaidh aithris gun toireadh Fèisean nan Gàidheal taic do sheachd Cèilidhean air Chuairt as t-samhradh 2014. ’S iad na Fèisean a bha gu bhith an sàs Fèis Chataibh, Fèis Spè, Fèis Rois, Fèis an Earraich, Fèis Fhoirt, Fèis Latharna agus Fèis Lochabair. Tha iad fhathast ag ullachadh airson nan cuairtean, ach tha dùil ann gum bi còrr is 200 cuirm- chiùil ann fad an Iuchair agus an Lùnastail. Tha maoineachadh ri fhaotainn bhon sgeama Cinn-uidhe Chruthachail (Creative Futures) aig Alba Chruthachail agus gheibh an luchd-ciùil a bhios an sàs ann cothrom air trèanadh aig tachartas còmhnaidheach a chumas Fèis Alba sa Phloc san Iuchar. Thathar an dòchas gun gabh feadhainn den luchd-ciùil bho na Cèilidhean air Chuairt pàirt ann an tachartas mar phàirt de Phrògram Cultarach Gheamannan a’ Cho-fhlaitheis air Rèidhlean Ghlaschu air 28 Iuchar. Thathar cuideachd a’ coimhead feuch an gabh consairt shònraichte eile a chumail ri taobh Loch Laomainn. Thug Buill a’ Bhùird an aire: 1) don phrògram airson Blas 2014; 2) don bhuidseat airson 2014-15; 3) do na planaichean airson nan Cèilidhean air Chuairt 2014. (c) Còig Latha Chaidh aithisg le Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein a sgaoileadh le fiosrachadh do Bhuill a’ Bhùird mu 5 Latha (2014) a chaidh a chumail eadar 7-12 Giblean aig na Taighean-tughaidh sna Gearrannan ann an Leòdhas. Thug an aithisg iomradh air na bha an fheadhainn a ghabh pàirt ann a’ dèanamh gach latha, agus am measg nan nithean a rinn iad bha a’ sireadh ‘ulaidh’, ag obair air croit, a’ còcaireachd, ag iasgach agus cèilidh. Chòrd an t-seachdain gu mòr ris an 20 a ghabh pàirt ann agus rinn iad moladh air an t- seachdain. Thug sinn taing don a h-uile duine a chuir fàilte orra don sgìre agus a chuidich sinn air feadh na seachdaine. Thuirt Calum Ailig gun cuireadh e dealbhan gu daoine. Thug Buill a’ Bhùird fa-near don fhiosrachadh agus bha iad toilichte gun deach gu math le cùisean. (d) Leasachaidhean Dràma ann an 2014-15: Taisbeanadh Rinn Dougie Beck agus Aonghas MacLeòid taisbeanadh air an obair a tha iad air a dhèanamh a thaobh dràma sa bhliadhna a dh’fhalbh agus air na planaichean aca airson an ùine ri thighinn. Am measg nan rudan air an tug iad iomradh bha Fèisean Dràma, cuairt ùr aig Meanbh- Chuileag timcheall nan sgoiltean le dealbh-chluich mun Chogadh Mhòr, cuairt timcheall nan Àrd-sgoiltean le dealbh-chluich mun Reifreann, panto ùr, obair le clann aois 4-7 agus tòrr a bharrachd! Bha am Bòrd air an dòigh a bhith cluinntinn mun uiread obair mhath a tha ga dèanamh. Chòrd e riutha a bhith faicinn mar a bha uiread dhaoine a’ dol an sàs ann an dràma tron obair seo agus bha e fìor mhath fhaicinn nach e dìreach sgilean dràma a bha daoine ag ionnsachadh ach sgilean Gàidhlig. Chaidh aontachadh gun deigheadh an taisbeanadh a sgaoileadh às dèidh na coinneimh. (e) Fèisgoil Chaidh aithisg le Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein a sgaoileadh am measg nam Ball le fiosrachadh às ùr mun adhartas a thathar a’ dèanamh a thaobh phròiseactan Fèisgoil - feadhainn a chaidh a thoirt gu buil, agus feadhainn eile a tha gan lìbhrigeadh an-dràsta. Chaidh foirmichean a thoirt do sgoilearan agus tidsearan sna sgoiltean far an deach clasaichean Gàidhlig a chumail, a’ sireadh beachd bhuapa air na clasaichean. Tha na foirmichean sin gan tilleadh an-dràsta agus thèid an sgrùdadh agus na toraidhean a shealltainn do Bhuill a’ Bhùird.