Camanachd Barrachd Air Dìreach Gèam Tha a H-Uile Coltas Ann Gun
Total Page:16
File Type:pdf, Size:1020Kb
Camanachd barrachd air dìreach Gèam Tha a h-uile coltas ann gun tàinig iomain no camanachd a dh’Alba mu 2,000 bliadhna air ais le luchd-creideimh na h-Èireann aig an aon àm ris a’ Ghàidhlig fhèin. Chan eil ach camanachd fhèin far am faodar a ràdh le ùghdarras no cinnt sam bith gu bheil an spòrs tùsanach do dh’Alba, agus le eachdraidh is dreach cultural a tha fìor shònraichte tron cheangal leis a’ Ghàidhlig. Chan eil spòrs eile an Alba le eachdraidh dearbhte cho fada air ais ri 1272. Tha camanachd cuideachd cudromach mar acaire chultarail a bha a’ tairgse ceangal leis an t- seann dhùthaich do dh’eilthirich an lùib 2 ghnothaichean eile leithid na Gàidhlig agus Gèamaichean Gàidhealach. `S e an duais as ainmeile anns an spòrs aig an àm seo Cupa na Camanachd, a’ chiad dhuais nàiseanta, a chaidh a chluich an toiseach ann an 1896. Cupa na Camanachd anns an Òban Chaidh gèamaichan camanachd a chluich eadar sgiobaidhean Albannach agus 3 Èireannach air dà thaobh Sruth na Maoille bho na 1880an aig diofar ìrean suas gu gèamaichean eadar-nàiseanta a tha an- diugh nan ceanglan beòthail eadar an dà dhualchas Ceilteach. Tha camanachd air a bhith aig cridhe choimhearsnachdan an Alba bho Hiort agus na h-Eileanan Siar gu Taobh Siar Rois, sios gu Ceann Tìre agus gu Obair Dheathain, agus an uairsin gun a bailtean mòra leithid Glaschu agus Dùn Èideann, am Manchester agus an Lunnainn. `S iomadh ceàrnaidh de Shasann anns an lorgar an gèam tro eachdraidh agus tha an gèam a’ tighinn beò an sin fhathast fiùs anns a’ Chòrn. Tha e air a 4 dhol bàs ged-thà air feadh a’ chòrr dhen t- saoghal. Tha luach mòr ga chur air dualchas agus cleachdaidhean na camanachd agus air na tha e a’ cur ri saoghal sòisealta, eaconamach agus foghlaim na dùthcha anns an latha an- diugh. `S ann airson sgàth nan adhbharan farsaing sin a tha sinn a’ meas na camanachd mar ghnothach a bu chòir a mheas “barrachd air spòrs”. Tha deagh argamaid ann airson ceithir spòrs fa-leth a mheas no a thomhais “Albannach”. - cròladh, camanachd, goilf agus bòbhladh, agus tha prìomhachas gu cinnteach aig a’ chiad thrì. 5 Gan gabhail còmhla, faodar beachd a dhaingneachadh mar spòrs a tha tùsanach do dh’Alba agus thall thairis mar phàirt de stòras cultarail na dùthcha. Bha iad uile gu math stèidhichte mus cualas riamh mun ghluasad Sasannach “luth- chleasachd” (athleticism). Ann an 1800, cha robh spòrs eile ann a bha cho follaiseach no cumata ri cròladh air feadh na dùthcha. Cha ro goilf agus bòbhladh rim faicinn cho tric, ach tha dualchas Albannach gu math follaiseach fhathast nan lùib tro bhuaidhean cànan. Nuair a thàinig goilf gu bhith san fhasan ann an Sasann, bhathas ag ràdh gum biodh cluicheadair proifeiseanta an Surrey (nach 6 robh idir ann) a’ bòstadh mun dòigh anns am biodh e a’ làimhseachadh an luchd- cleachdaidh, ag ràdh: ‘I just humour them by talking like a Guild Street carter who's having a bit of backchat with an Aberdeen fishwife. It makes the profits something extraordinary’. Bha camanachd ga cluich, aig àmanan eadar- dhealaichte, tro Bhreatainn gu lèir, ach a- mhàin, cleas na Gàidhlig, ann an Arcaibh agus Sealtainn – seadh agus anns na Crìochan. 7 Camanachd anns na Crìochan aig a’ Choble ann an Hawick. Anns an naoidheamh linn deug, bha camanachd ga cleachdadh le na Gàidheil (a- rithist cleas na Gàidhlig) mar tè de na prìomh cheanglan agus suaithcheantasan cultarail a bha iad a’ giùlan air feadh an t-saoghail. `S e pàirt dhen dualchas a tha sin a th’againn fhathast tro stòras airgid, duaisean, cupannan, buinn eireachdail, prìseil agus 8 sònraichte, agus iad air beag-luach aig a’ chòrr de dh’Alba mar stòras nàiseanta. Tha tòrr de na duaisean sin fhathast gan cleachdadh ann am farpaisean, nam measg an cupa as sinne, Cupa Chomann Ceilteach Ghlaschu, an tè as sinne, bho 1879. A bharrachd air a bhith nan duaisean cudromach, tha na cupannan is eile cudromach son an cuid eachdraidh agus dualchas fhèin, na ceanglan fa-leth ri buidhnean a stèidhich iad, agus an luchd- ciùird a chruthaich iad le sàr-sgilean, innleachdan agus eòlas. 9 Am measg an fheadhainn as luach-mhor agus as inntinniche eile tha Bhàs 10 leabhraichean, ann an irisean agus suidheachdaidhean foillseachaidh eile. Nuair a bhathas a’ rannsachadh fad thrì bliadhna airson taisbeanadh aig Gailearaidh Dhealbhan Nàiseanta na h-Alba Playing for Scotland, chaidh aig tè de dh’àrd-oifigearan a’ Ghailearaidh air an dealbh a lorg fo chùram an teaghlaich a bh’air a cheannach ann an 1923 agus cead fhaighinn a thaisbeanadh ann am Faoileach 2015. 11 Tha A Highland Landscape with a Game of Shinty, air ainmeachadh le D. Cunliffe à Sasann agus A. Mac a’ Ghobhainn a bhoineadh do Mhauchline ann an Siorrachd Adhar, agus tha e a-nis air a thoirt air iasad fad-ùine dhan Ghailearaidh agus suidhichte am measg nan delabhan eile anns an taisbeanadh Playing for Scotland. 12 Tha e do-dhèanta dealbh buileach coileanta a dhèanamh air buaidh agus inbhe na camanachd tro eachdraidh an seo, ach tha grunn aithrisean ann a tha cuideachail agus cudromach. Mar bhunait air clàr-ama na camanachd a dhealbh faodar ceum is tachartas no dha a chomharrachadh a tha fìor chudromach. Tha a’ chiad athris sgrìobhte againn, far am faic sinn am facal “shinty”, ann an 1549; 1ann an 1698 rinn Màrtainn Màrtainn luaidh air muinntir Hiort ga chluich St Kilda; tha dealbh cudromach again de chamanachd ga chluich ann an Sydney, Astràlia in 1841; chaidh a’ chiad bhuidheann a stèidheachadh gu foirmeal le bun-reachd an 1851 aig 13 Oilthigh Obar Dheathain; ann an 1893 chaidh Comann na Camanachd, buidheann- riaghlaidh an spòrs a stèidheachadh; `s ann an1924a chaidh a’ choad ghèam a chluich aig ìre eadar-nàiseanta eadar Alba agus Èireann aig Gèamaichdean Thailteann am Baile Atha Cliath; an 1993 chomharraich Comann na Camanachd a’ chiad ceud bliadhna aca mar bhuidhinn agus ro 2005 bha an spòrs air cruinn-leum a aghabhail gu bhith a’ cluich as t-sàmhradh agus air a riaghladh le Bòrd- stiùiridh mar chompanaidh fo bharantas. Tha e cudromach dhan spòrs cuideachd a thaobh ìomhaigh agus inbhe (gun tighinn air teachd-a-steach) gu bheileas air a bhith ga chraoladh air telebhisein gu math nas trice 14 na tha iomadach spòrs “dualchasach” eile leis a’ BhBC agus BBC Alba anns an deichead a chaidh gu sònraichte. .