Nicnèill, Catrìona Mòrag
Total Page:16
File Type:pdf, Size:1020Kb
UHI Thesis - pdf download summary Telebhisean mar ghoireas poileasaidh cànain a chleachdadh aig cloinn dà-chànanaich NicNèill, Catrìona Mòrag DOCTOR OF PHILOSOPHY (AWARDED BY OU/ABERDEEN) Award date: 2018 Awarding institution: The University of Edinburgh Link URL to thesis in UHI Research Database General rights and useage policy Copyright,IP and moral rights for the publications made accessible in the UHI Research Database are retained by the author, users must recognise and abide by the legal requirements associated with these rights. This copy has been supplied on the understanding that it is copyright material and that no quotation from the thesis may be published without proper acknowledgement, or without prior permission from the author. Users may download and print one copy of any thesis from the UHI Research Database for the not-for-profit purpose of private study or research on the condition that: 1) The full text is not changed in any way 2) If citing, a bibliographic link is made to the metadata record on the the UHI Research Database 3) You may not further distribute the material or use it for any profit-making activity or commercial gain 4) You may freely distribute the URL identifying the publication in the UHI Research Database Take down policy If you believe that any data within this document represents a breach of copyright, confidence or data protection please contact us at [email protected] providing details; we will remove access to the work immediately and investigate your claim. Download date: 01. Oct. 2021 Telebhisean mar ghoireas poileasaidh cànain: a chleachdadh aig cloinn dà-chànanaich Tràchdas a chuireadh air adhart airson PhD aig Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean Catrìona Mòrag NicNèill LLB (le Urram) Lagh agus Gàidhlig, Oilthigh Ghlaschu M.Litt Poileasaidh agus Planadh Cànain, Oilthigh Obar Dheathain 2018 Cuiridh mise, Catrìona Mòrag NicNèill, an cèill an seo, agus daingnichidh mi le comharradh mo làimhe, gur mise a rinn a h-uile obair anns an tràchdas seo, nach deach an obair a chleachdadh airson ceum eile, gun do shònraich mi na h-iomraidhean le comharraidhean-luaidhe agus gun deach na tùsan fiosrachaidh uile aithneachadh mar bu chòir. 2 Giorrachadh Telebhisean mar ghoireas poileasaidh cànain: a chleachdadh aig cloinn dà-chànanaich Catrìona Mòrag NicNèill 2018 Thugadh sùil mhionaideach air cleachdadh susbaint le ochdnar cloinne da-chànanaich (aois 3 agus 4) bho dhiofar theaghlaichean stèidhichte ann am Barraigh agus Glaschu. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air dòigh a rinn pàrantan roghainnean a thaobh cànan na susbaint (eadar a’ Bheurla agus a’ Ghàidhlig) nuair a bha iad a’ taghadh susbaint dhan chuid cloinne. Rannsaicheadh mar a bha poileasaidh cànain nan teaghlaichean agus cleachdaidhean susbaint ag obrachadh còmhla. Chaidh leabhraichean-latha susbaint a lìonadh air cleachdaidhean susbaint na cloinne agus chaidh agallamhan a chumail le pàrantan. Tha an rannsachadh a’ sealltainn nach do chleachd a’ chlann uile susbaint Ghàidhlig uile gu lèir mar a dh’fhaodadh iad agus gun robh diofaran ann eatorra. Chaidh fada a bharrachd susbaint Bheurla na susbaint Ghàidhlig a chleachdadh am measg na cloinne air fad. Chuir cuid de theaghlaichean luach air susbaint mar ghoireas poileasaidh cànain agus iad ga cleachdadh airson cothroman cànain-a-steach sa Ghàidhlig adhbhrachadh agus bha cuid ann nach do chleachd susbaint Ghàidhlig sam bith. Thug iomadh factar buaidh air roghainnean susbaint agus tha na factaran sin air an sgrùdadh. Tha na diofaran a nochd ann an cleachdadh susbaint air an cnuasachadh ann an co-theacsa poileasaidh chànain theaghlaich. Cha robh poileasaidh cànain làidir a thaobh cleachdadh na Gàidhlig a-staigh daonnan a’ ciallachadh gun robh susbaint Ghàidhlig air a cleachdadh. Thugadh molaidhean seachad do luchd-poileasaidh cànain agus luchd-poileasaidh nam meadhanan Gàidhlig air leasachaidhean a dh’fhaoidte dèanamh gus cleachdadh susbaint Ghàidhlig a neartachadh. 3 Buidheachas ‘Thig crìoch air an t-saoghal ach mairidh obair an tràchdais’ – gu dearbha, sin mar a tha mi air a bhith a’ faireachdainn tron phròiseas PhD seo. An toiseach, feumaidh mi taing a thoirt dhan sgioba-stiùiridh agam: Dr. Timothy Armstong, Prof. Meg Bateman, Prof. Robert Dunbar agus cuideachd Dr. Mike Cormack. Tha sibh air a bhith cho taiceil, còir agus deònach comhairle a thoirt dhomh uair sam bith a dh’iarrainn i. Mo thaing cuideachd do choimhearsnachd Sabhal Mòr Ostaig agus dhan a h-uile duine aig a’ Cholaiste a thug cuideachadh dhomh. Mòran taing do mhuinntir rianachd Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bu mhath leam taing a thoirt cuideachd do luchd-sgrùdaidh an tràchdais. Cha bhiodh tràchdas ann gun dàta, agus mar sin feumaidh mi taing mhòr, mhòr a thoirt dha na teaghlaichean a ghabh pàirt anns an rannsachadh. Bha e na chuideachadh mòr gun robh iad cho fosgailte, beachdail agus dìcheallach. Bha an rannsachadh an eisimeil taic-airgid tro sgoilearachd bho Shoillse agus bho MG ALBA, agus tha mi air leth taingeil airson a’ chothruim. Tha mo cho-obraichean bho lìonradh Shoillse air a bhith ann bhon toiseach agus tha mi nur comainn uile airson ur cuideachaidh agus ur càirdeis. Gu sònraichte, taing do Dr. Cassie Smith-Christmas agus Dr. Ciorstaidh NicLeòid (chì mi air Tràigh Eais thu, a Chiorstag!). Tha MG ALBA air iomadh cothrom agus taic a thabhann dhomh agus tha mi fada nur comainn. Tron rannsachadh thug iomadh neach agus buidheann eile comhairle agus cuideachadh dhomh, nam measg: BBC Gàidhlig, Iain Tormod MacLeòid, Iain Mac an Tàilleir, Raonaid Nic a’ Phearsain agus Ionad Ionnsachaidh Bharraigh. Gun taic bho mo theaghlach agus bho mo charaidean, chan eil teagamh agam gum biodh e air a bhith do-dhèanta crìoch a chur air a’ PhD. Bha mi daonnan mothachail gun robh teaghlach taiceil, misneachail timcheall orm agus tha mi taingeil airson sin. Cuideachd, bha iad foighidneach; leig iad leam leantainn orm le mo chuid obrach gun a bhith a’ faighneachd cus cheistean! Tha mi fortanach gu bheil deagh charaidean agam, ’s cinnteach gu bheil cuid dhiubh a’ smaointinn gur e iad fhèin a bha a’ dèanamh PhD. Feumaidh mi taing shònraichte a thoirt do Mhar-Star, a bha ann bho thoiseach gu crìch, agus cuideachd do na Carrievanettes (gu h-àraidh The Glanx agus Pauline anns na mìosan mu dheireadh). Tha iomadh caraid eile air misneachd agus cuideachadh a thoirt dhomh — cus rin ainmeachadh an seo — ach bidh mi nur comain gu bràth. 4 CLÀR-INNSE FIOGAIREAN, CLÀRAN AGUS GRAFAICHEAN 9 1. RO-RÀDH 10 1.1 Facal tòiseachaidh 10 1.2 Raon-rannsachaidh nam meadhanan mion-chànanach 12 1.3 Poileasaidh cànain teaghlaich 14 1.4 An rannsachadh 15 1.5 Structair agus geàrr-chunntas caibideilean an tràchdais 17 2. CO-THEACSA 19 2.1 Cunntas goirid air eachdraidh na Gàidhlig 19 2.2 Gàidhlig agus an Cunntas-sluaigh 22 2.3 Inbhe oifigeil agus laghail 24 2.4 Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig 26 2.5 Gàidhlig ann am Barraigh 30 2.6 Gàidhlig ann an Glaschu 33 2.7 Telebhisean Gàidhlig 34 3. LITREACHAS AIR ATH-BHEÒTHACHADH AGUS GLÈIDHEADH CÀNAIN, AGUS POILEASAIDH CÀNAIN TEAGHLAICH 44 3.1 Ro-ràdh 44 3.2 Gluasad cànain 44 3.3 Gluasad cànain a’ thionndadh 47 3.4 Cànan, cultar agus fèin-aithne 49 3.5 Beòthalachd etno-cànanach 53 3.6 Idèolas cànain 54 3.7 Poileasaidh agus planadh cànain 56 3.8 Poileasaidh cànain san teaghlach 58 3.8.1 Sòisealachadh cànain 60 3.8.2 Togail cànain agus cànan-a-steach 62 3.8.3 Ideòlasan ann am PCT 67 3.8.4 Cultar agus fèin-aithne ann am PCT 71 3.8.5 Mì-fhreagairt eadar ideòlas agus cleachdadh 73 3.8.6 Ideòlasan na cloinne 75 3.8.7 Cànan agus spòrs 77 3.9 PCT agus co-theacsa na Gàidhlig 80 3.10 Buntanas an litreachais dhan sgrùdadh seo 85 5 4. LITREACHAS AIR TELEBHISEAN ANN AM POILEASAIDH CÀNAIN 87 4.1 Ro-ràdh 87 4.2 Telebhisean agus poileasaidh cànain 87 4.3 Telebhisean agus cànan-a-steach 92 4.4 Telebhisean agus sòisealachadh 102 4.5 Susbaint dhùthchail 107 4.6 Teòiridh chleachdaidhean agus dhuaisean 110 4.7 Pàrantan: cleachdaidhean agus duaisean 111 4.8 ‘Duaisean fèin-aithne shòisealta’ 112 4.9 Fèin-aithne etno-cànanach 114 4.10 Faotainneachd 116 4.11 Cothrom, Comas, Miann 117 4.12 Buntanas dhan sgrùdadh seo 118 5. SEASAMHAN RANNSACHAIDH AGUS MODHAN-RANNSACHAIDH 120 5.1 Ro-ràdh 120 5.2 Seasamhan rannsachaidh 121 5.3 Amasan rannsachaidh 123 5.4 Sampall-rannsachaidh 124 5.5 Pàrantan mar luchd-pàirteachaidh 126 5.6 Cànan an rannsachaidh 127 5.7 Agallamhan mar mhodh-rannsachaidh 128 5.8 Dealbhachadh an agallaimh 129 5.9 Leabhraichean-latha susbaint mar mhodh-rannsachaidh 130 5.10 Dealbhachadh na leabhraichean-latha 134 5.10.1 ‘A’ coimhead’ 136 5.10.2 Dè cho fada? 136 5.10.3 Cò agus cuin? 137 5.10.4 Adhbharan airson phuingean eile anns an leabhar-latha 139 5.11 Samplachadh 140 5.12 Rannsachadh pìleat 143 5.13 Beusan 145 5.14 Trusadh 145 5.15 An sampall 146 5.16 Agallamhan anns an rannsachadh 148 5.17 Sgrùdadh nan agallamhan 149 5.18 Leabhraichean-latha anns an rannsachadh 149 5.19 Sgrùdadh nan leabhraichean-latha 150 5.20 Co-dhùnadh 152 6 6. TORAIDHEAN 153 6.1 Susbaint ann am beatha na cloinne 153 6.1.1 Uimhir: dàta nan leabhraichean-latha 153 6.1.2 Uimhir: dàta nan agallamhan 156 6.1.3 An ròl aig susbaint ann an uairean-saora na cloinne 158 6.1.4 A’ cleachdadh susbaint: Gàidhlig/Beurla 160 6.1.5 Co-dhùnadh: susbaint ann am beatha na cloinne 167 6.2 Cothroman susbaint Ghàidhlig a choimhead 169 6.2.1 Dòigh-choimhid agus cothroman Gàidhlig 170 6.2.1.1 Susbaint bheò 170 6.2.1.2 Susbaint nach robh beò 171 6.2.2 Cothroman Gàidhlig air seachdain nan leabhraichean-latha 171 6.2.3 Dòighean-choimhid nach robh beò 174 6.2.3.1 ‘DVDan’, ‘Seirbheis a-rithist’, ‘Clàraidhean’ 174 6.2.3.2.